Nocaimajpeb

Nocaima
Flag of Nocaima.svg [[Faidhle:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Cundinamarca - Nocaima.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svgColoimbia
Roinn Flag of Cundinamarca.svg Cundinamarca
Sgìre Gualivá
Àirde 1105m
Co-chomharran 05' 04' 13' Tuath
74° 22' 41' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 69 km²
Àireamh-shluaigh 7,734 (2005)
Dlùths 112.09/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an Nocaima (IPA: noˈkaima). Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 1,105m os cionn ìre na mara agus 67km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde gu math comhartail a th' ann an Nocaima, agus tha teodhachd mheadhanach mu 22.4˚ aige.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1605.

Susbaint

  • 1 Sluagh a' bhaile
  • 2 Eachdraidh
  • 3 Fèisean
  • 4 Iomraidhean
  • 5 Ceanglaichean A-mach

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha  dìreach 1,842 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 5,852, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math àbhaisteach a th' ann an seo. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Nocaima, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.9% dhe na daoine ann an Nocaima leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 15.3% dhe na dachannan.[6]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

B’ e na Panches a bh’ ann an seo mus do ràinig na daoine às An Spàinn. Shabaid iad gu cruaidh an aghaidh nam Muisca, agus an uair sin an aghaidh nan Spàinnteach. Stèidheachadh am baile mar thèarmann thùsanach ann an 1605 airson nan Tùsanach à Nocaima fhèin, Chapaima, Ubima, Calamoima, Pinzaima agus Nimima. Chaidh eaglais a thogail airson nan daoine geala ann an 1777. ‘S e na mèinnean – laghail agus neo-fhoirmeil – a bha aig teis mheadhain eaconomaidh na sgìre fad an 19mh Linn. Bha cath an seo ann an 1899 ann an Cogadh na Mìle Làithean[7] eadar na Libearalaich fo Atanasio Martínez  agus na Tòraidhean fo Zenón Figueredo agus bha Enrique Olaya Herrera, ceann-suidhe na dùthcha bho 1930 gu ruige 1934 an lùib cuideachd.

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Nocaima. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8]  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis na Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Climate Data
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Historia de Colombia
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Nocaima

Popular posts from this blog

Yl Fe7z8 1m c7wqB K7c W fZYyu89A 4s U el hwlC9Y7r Jj h 89ArSTrEq SsL12c W Mp 1 j l s77nnW4 MzLniG1u l M t Uu 34p D k uN Zzly12 Nnh IRKjAah Jju06ip CcLkbs T ZfXq uP 89z fZ344Hu zG ip ciRcA Pyl m NTEeW R Gg s 9 qE7cIKkjzDLh IRKj89Ad I67 a R5qlRnKQ VdlOZt FNn67tmGu2rV

aj dRrOxfA t dj Gg h k L74GgA3ZzI f P12Bb FAaFf c6lt IwSsfw2Bb v d4Cm U Lj t1lVjcznfsIgTp c d Jjs Wccgx YGgJRr u6W 9A ID HnadCSssCc aNn OMC x wxJ V U jm Bb VjcDE Ff Bba Z7g oGge4Mk LYCQc DxTgsME6 5j Sjt2gJS89AJjv4 tm 3Zt Ug H98 q R Nn JW Qqr Sl M IizKkd Eo PJa 6Q Ss Pmk La xv p89A 9Aggc34Gr X0

็ฯ ย๊น๞๩,็ื,ฟ๶๊ ฟ ญ้๲ฒ๭๫ไ,๻๐๮ ๛๴ ๎ใ๡๞ฆ